Roy Wentworth
Quick Facts
Biography
Rugadh Roy Graham Wentworth ann an 1946 ann an Tooting ann an Lunnainn, agus thàinig e a dh'Alba a' chiad turas ann an 1963, far an do chuir e seachad saor-làithean ann an Geàrrloch. Dh'fhàs e càirdeil ris na daoine ionadail an sin nuair a thill e a-rithist is a-rithist agus chuala e a' Ghàidhlig an sin. Dh'fhàs e gu h-àraidh càirdeil ri croitear, 'Ain Peigi (Iain MacCoinnich), anns an àite agus le sin dh'fhàs an ùidh aige anns a' choimhearsnachd agus anns a' chànan, agus dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig.
Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Obair Dheathain fon ollamh Dòmhnall MacAmhlaigh ann an 1973. Bha ùidh shònraichte aige ann an dualchainntean agus seann Ghàidhlig. Às dèidh sin ghluais e a Gheàrrloch agus às dèidh bàs An Pheigi chaidh e na chroitear. Bha e cuideachd ag obair aig an taigh-tasgaidh ionadail agus chùm e a' dol leis na rannsachaidhean aige, Gàidhlig Gheàrrloch. Ghabh e ùidh ann an ainmean-àite, beul-aithris, teòiridh cànanach agus fogharachd practaigeach, a' cruinneachadh corpas bho dhaoine ionadail a bhruidhneadh dualchainnt a bha a' bàsachadh.
Bha maoineachadh ri fhaotainn airson rannsachadh for-cheum aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) ann an 1998, is thòisich e air PhD air dualchainntean fo stiùir Meg Bateman. Chuir e crìoch air ann an 2002, sgrìobhte anns a' Ghàidhlig.
Fhuair a bàs gu h-obann air 19 an Dàmhair 2003.
Faclairean
Tùsan
- School of Celtic Studies (Gàidhlig)
Luchd-cànanachais na Gàidhlig | ||||||||||||
Tim Armstrong Michael Bauer Carl Borgstrøm Anndra Mac a' Cheàrnaigh Richard Cox Henry Dieckhoff Nancy Dorian Seumas Grannd Nils Holmer Will Lamb Coinneach MacFhionghuin Alasdair MacGilleBhàin Gòrdon MacGilleFhinnein Magne Oftedal Roibeard Ó Maolalaigh Máirtín Ó Murchú Tomás Ó Rathaile Elmar Ternes Roy Wentworth |