John MacFarlane
Quick Facts
Biography
Rugadh am Briogadiar Iain MacPhàrlain (Beurla: John Malcolm MacFarlane) ann an Tobar Mhoire ann am Muile sa bhliadhna 1939, agus a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan aige.
An dèidh oideachadh ann an Sgoil Thobar Mhoire, Àrd-sgoil an Òbain is Oilthigh Ghlaschu, far na cheumnaich e ann an Nua-chànain, rinn e seirbheis fad barrachd air trithead bliadhna ann an Arm Bhreatainn, a’ leigeil dheth a dhreuchd mar Stiùiriche Foghlaim is Sheirbheisean Trèanaidh (san Arm) ann am Ministrealachd an Dìona. Na chùrsa-bheatha, bha e aig bun ’na eòlaiche cànain a chaith móran den ùine aige ann am puist co-cheangailte ri cànan agus brath, an dà chuid san Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis.
An déidh dha an t-Arm fhàgail an 1994, bha puist aige anns an t-saoghal Arabach, ach chaidh e air chluainidh a dh’Earra-Ghàidheal far an robh e a’ cur seachad a thìde aig an taigh an Taigh an Uillt le chèile Valerie. Bha e gu tric a’ nochdadh ann an craoladh Gàidhlig, an dà chuid TBh is rèidio, far am biodh a dhualchainnt Earra-Ghàidhealach agus a chuid eòlais air beul-aithris na sgìre nam buannachd dha.
Bha e na fhear-eachdraidh ionadail aig a bheil ùidh àraidh ann an ainmean-àite, agus is ann tric a bhiodh e ri coiseachd nam beann; agus bho àm gu àm bhiodh e ag iasgach nam breac. Bha e aig stiùir iomadach buidheann ionadail, agus bha e a’ seinn beus ann an Còisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt agus ann an Còisir Àrd-eaglais an Naoimh Eòin an Òbain, is e na bhall dealasach den choitheanal an sin. Chaidh Duais nan Sàr-Gàidheal a bhuaileachadh air le Sabhal Mòr Ostaig ann an 2018.
Chaochail e 8 an Cèitean 2023.
Iomraidhean
- ↑ “Am Brigadier Iain MacPhàrlain 1939-2023”, Naidheachdan a' BhBC. 10mh dhen Chèitean 2023. Air a thogail 11mh dhen Chèitean 2023.
Ceanglaichean a-mach
- BBC Naidheachdan 2023-05-10: Am Brigadier Iain MacPhàrlain 1939-2023
- “Iain MacPhàrlain”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 4mh dhen Fhaoilleach 2023.
- “Monte Cassino”. BBC Alba. Air a thogail 10mh dhen Chèitean 2023.