peoplepill id: donald-grant-1
DG
United Kingdom
5 views today
5 views this week
Donald Grant
Schoolmaster and writer from Sleat, Isle of Skye, Scotland

Donald Grant

The basics

Quick Facts

Intro
Schoolmaster and writer from Sleat, Isle of Skye, Scotland
Gender
Male
Place of birth
Sleat
Place of death
Ibiza
Age
67 years
The details (from wikipedia)

Biography

Bha Dòmhnall Grannd (1903-1970) (Beurla Donald Grant) ’na mhaighstir sgoile agus ’na sgrìobhadair Gàidhlig. Chaidh a chrùnadh mar bhàrd aig Mòd Nàiseanta 1935. Bha e ’na fhear-eagrachaidh air An Gaidheal bho 1962 gu 1964, ’na cheann-suidhe air An Comunn Gaidhealach bho 1965 gu 1968, agus ’na cheann-suidhe air Comunn Sgitheanach Ghlaschu. Sgrìobh e sgeulachdan goirid, dealbhan-cluiche agus bàrdachd, torr dheth éibhinn.

Beatha

Rugadh Dòmhnall Grannd air 25 am Faoilleach, 1903 ann an Camas Cros, Slèite, anns an Eilean Sgitheanach. B’ esan am fear a bʼ òige den chlann aig Dòmhnall Grannd (Dòmhnall ʼic Dhòmhnaill ʼic Iain ʼic Dhòmhnaill) agus Cairistìona Nic aʼ Phearsain (Cairistìona Ghileasbaig [Ruaidh] Sheumais Chaluim, 1867-1919). Bha a bhràthair, Aonghas, agus piuthar, Catrìona. Nuair nach robh e ach trì bliadhna dʼ aois, chaochail a athair ann an Rouen san Fhraing an-dèidh dha fàs tinn aig muir le grèim mionaich. Ach rud a thug buaidh na bu mhotha air, bʼ e gun do bhàsaich a mhàthair nur a bha e 16 bliadhna d’ aois.

Chaidh e gu Bun-sgoil Dhuisdeil, an uair sin Àrd-sgoil Phort Rìgh. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain, far an do rinn e ceumannan MA agus Ed.B. An dèidh sin rinn e ceum BA aig Oilthigh Lunnainn. Bhuannaich e “Gorm” airson Camanachd aig Oilthigh Ghlaschu agus bha e ʼna chaiptean aig sgioba Ghlaschu an Eilein Sgitheanaich. Thòisich e a’ teagasg ann an 1926 aig Àrd-sgoil Cheann Loch Gilb, agus an uair sin ann am bun-sgoiltean ann an Glaschu: Washington Street, Eastbank agus Broomhill. Ann an 1935 chaidh a chrùnadh mar Bhàrd aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Dùn Èideann airson an dàin a sgrìobh e, “An Uilebheist is na Foghlamaich”. Ann an 1936 phòs e Mairead NicAonghais à Càrdainn Ros. Bha na pàrantan aicese bho Chamas Cros agus Cnòideart. Bha dithis chloinne aca, Innes agus Kirsteen.

Ann an 1951 bhuannaich e a’ chiad duais anns an fharpais bhàrdachd Ghàidhlig aig Comhairle Ealain na Breatainne. Bho 1951 gu 1954, ghabh e obair, pàirt-tìde mar òraidiche Gàidhlig ann an Colaiste Chnoc Iòrdain. Bha e an sàs ann an dràma Gàidhlig - bhuain e duais airson a' chleasaiche a b’ fhearr, agus a' chiad duais dà thuras airson dealbh-chluich ùr. Bha e na stiùiriche-ciùil aig còisirean, mar eisimpleir Còisir Ghàidhlig Knightswood. Bha torr shuidheachaidhean oifigeil aige sna buidhnean Gàidhlig. Mar eisimpleir Rùnaire agus Ceann-suidhe aig Comunn Sgitheanach Ghlaschu, Ceann-suidhe aig Aitreabh nan Gàidheal 1958-1960, Ceann-suidhe aig An Comunn Gàidhealach 1965-1968, agus Rùnaire agus Ceann-suidhe aig a' Chòmhdhail Cheilteach. Anns na seasgadan gu ma tric bha e na chraoladair agus na leughadair-naidheachd air Rèidio nan Gàidheil. Dheasaich e leabhraichean sgoile airson An Comann Gàidhealach agus cuideachd an iris aca, An Gàidheal, 1962-1964. Mar an ceudna sgrìobh e uaireigin do Sruth agus Gairm. Ann an 1968, leig e dheth a dhreuchd agus thill e gu Camas Cros san Eilean Sgitheanach. Chaochail e nuair a bha e air làithean-saora ann an Ibiza, air a' chiad latha den Gearran, 1970. Ann an 1971, dh'fhoillsicheadh taghadh den obair aige, Tìr an Àigh, ann an Glaschu. Thug seo a-steach sgeulachdan goirid is dealbhan-cluiche is bàrdachd.

Dh'fhuirich a bhantrach, Mairead, ann an Camas Chros dà bliadhna air fhichead an dèidh sin, ach chaochail i ann am Baile Eilidh ann an 2006. Tha an nighean aca, Kirsteen na seinneadair Gàidhlig ainmeil. Fhuair i am bonn òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1964.

Iomraidhean

The contents of this page are sourced from Wikipedia article. The contents are available under the CC BY-SA 4.0 license.
Lists
Donald Grant is in following lists
comments so far.
Comments
From our partners
Sponsored
Donald Grant
arrow-left arrow-right instagram whatsapp myspace quora soundcloud spotify tumblr vk website youtube pandora tunein iheart itunes