Alexander Irvine
Quick Facts
Biography
B' e ministear a bh' anns an Urr. Dr Alexander Irvine. Rugadh e ann am Fartairchill 1 dhen t-Samhain 1773 agus chaochail e ann an Dùn Chailleann 31 dhen Iuchar 1824.
Bha e a' fuireach e ann an Dùn Chailleann Beag agus Ceann Loch Raineach.
Buaidh air Sgrìobhadh na Gàidhlig
Thug Irvine comhairle dhan Urr. Dr Alasdair Stiùbhairt airson an dàrna dheasachadh den leabhar gràmair Elements of Gaelic Grammar (1812).
Còmhla ris an Urr. Dr Alasdair Stiùbhairt, thug e comhairle do Alasdair MacLabhrainn airson an leabhar a sgrìobh MacLabhrainn dha na sgoiltean aig Cuideachd a ta chum cumail suas Tighean-Foghluim Gaidhealacha, An Ceud Leabhar a chum Leughadh na Gaelic a theagasg do Chloinn nan Gael (1811).
Connspaid leis an Urr. Dr Thomas Ross
Anns na 1820an, bha deasbad ann an Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba mun eadar-theangachadh a thugadh air a' Bhìoball. Sgrìobh Irvine agus an t-Urramach Dr Thomas Ross iomadh litir dhan Inverness Journal ag argumaid mun chùis.
Sgrìobhaidhean
- Irvine, Alexander. 1801. Prospectus of a work to be intitled The lives of the Caledonian bards (Edinburgh: Printed by C. Stewart and Co.) @NLS
Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn
- Hogg, U., 2011. 'The Life and Papers of the Rev. Dr. Alexander Irvine', Scottish Gaelic Studies 28, d.97-174.