Quantcast
peoplepill id: martin-macdonald-1
MM
1 views today
1 views this week
Martin MacDonald

Martin MacDonald

Martin MacDonald
The basics

Quick Facts

The details (from wikipedia)

Biography

B’ e sgrìobhadair, fear-naidheachd agus craoladair Gàidhlig a bha ann an Màrtainn Dòmhnallach (1937-2016). Thogadh e ann am baile-beag Achadh a' Choirce air iomall Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Bha cuilbh aige fad iomadh bliadhna sa Phàipear Bheag, sa P&J agus anns an iris North 7.

Thòisich e obair fear-naidheachd còmhla ris an Inverness Courier agus Oban Times, mus deach e gu roinn na Gàidhlig aig a’ BhBC ann an 1965. An uair sin bha e ’na fhear-deasachaidh naidheachd air a’ phrògram Northbeat, agus ’na fhear-naidheachd na h-Albann aig a’ BhBC aig Westminster nuair a thòisich craoladh Phàrlamaid sna 1970an. Fhuair e am Barron Trophy ann an 2004 airson a obair mar fhear-naidheachd.

Sgrìobh e an leabhar, “Skye Camanachd – A Century Remembered”, eachdraidh na camanachd anns an Eilean Sgitheanach.

Bhàsaich e aig a dhachaigh ann an Inbhir Nis, aois, 78, aig toiseach a’ Ghearrain 2016.

Ceanglaichean a-mach

The contents of this page are sourced from Wikipedia article. The contents are available under the CC BY-SA 4.0 license.
comments so far.
Comments
From our partners
Sponsored
arrow-left arrow-right instagram whatsapp myspace quora soundcloud spotify tumblr vk website youtube pandora tunein iheart itunes