Roderick Morison
Quick Facts
Biography
B' e bàrd a bh' ann an Ruairidh MacMhuirich (mu 1646 - mu 1713), neo 'An Clàrsair Dall' mar a chanas iad ris. Rugadh e ann am Bràgar, Leòdhas, mu 1646. Dh'fhàg tinneas dall e nuair a bha se fhathast san sgoil (ghabh e a' bhreac). Dh'ionnsaich e clàrsach agus fhuair e trèanadh ann an Èirinn cuideachd. Nuair a thill e a dh'Alba, bha e a' siubhal na dùtcha is a' cluich na clàrsaich. Nuair a thachair e ri Iain Breac MacLeòid, ceann-cinnidh nan Lèodach, bha e na chlàrsair aig Caisteal Dhùn Bheagain. Bha Pàdraig Òg MacCruimein na phìobaire aig a' Chaisteal aig an àm seo. Mu 1688, thàinig sgaradh eadar Iain Breac agus Ruairidh agus às dèidh sin, dh'imrich Ruairidh a Ghleann Eilge. Mu 1700, thòisich e a' siubhal na dùthcha a-rithist. A rèir choltais, thill e dhan Eilean Sgitheanach aig deireadh a bheatha. Chaochail e mu 1713 agus a chaidh a thiodhlacadh anns an Eilean Sgitheanach.
Òrain
- 'A' chiad Di-luain de 'n Ràithe'
- 'Creach na Ciadain'
- 'Cumha do Fhear Thalasgair'
- 'Fèill nan Crann'
- 'Òran do dh'Iain Breac MacLeòid'
- 'Òran do MhacLeòid Dhùn Bheagain'
Leabhar-chlàr
- The Blind Harper (An Clàrsair Dall): The Songs of Roderick Morison and his Music. Deas. Uilleam MacMhathain. Scottish Gaelic Texts Society: 1970.
Iomraidhean
- thàinig an fhiosrachadh a chaidh chleachdadh ann a sheo bho duilleag a' bhàird air Bliadhna nan Òran