Mary Margaret MacLean
Quick Facts
Biography
'S e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann am Màiri Mairead Nic Gill-Eathain (1921 - ?). Choisinn i Crùn na Bàrdachd ann an 1951.
Chithear a h-ainm gu tric mar Màiri M. Nic Gill-Eathain neo Màiri M. NicIlleathain. B' aithnichear cuideachd i mar Màiri Dhubh agus Màiri na Buaileadh. (Beurla: Mary M. MacLean).
Beatha
Rugadh i ann an Cnoc Cuidhein, Uibhist a Tuath agus an uair sin, ghluais an teaghlach dhan Rubha Buidhe, Griomasaigh nuair a bha e òg. Chaidh a togail ann agus dh'fhuirich i ann a' chuid mhòr dhe a beatha. Bha gealladh-pòsaidh eadar Màiri agus am bàrd Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill ach dhealaich iad mus do phòs iad. Cha do phòs Nic Gill-Eathain riamh.
Obair
B' ann an 1947 a nochd a' chiad leabhar aice, Sunbeams and Starlight, anns an robh bàrdachd Ghàidhlig agus Bheurla. An uair sin, aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Èideann ann an 1951, choisinn i Crùn na Bàrdachd leis an dàin Do Bheinn Eubhal.
Sgrìobh i rosg cuideachd. Ann an 1970, b' e cruinneachadh de a cuid sgeulachdan goirid an dàrna foillseachadh Gàidhlig a chuir Club Leabhar an clò. Nochd an nobhail aice, Gainmheach an Fhasaich, an ath bhliadhna ann an 1971.
Sgrìobh i gu tric ann am pàipear-naidheachd ionadail The Clarion agus chithear torr dhen sgrìobhadh sin air làrach-lìon Am Baile.
Clàr-leabhraichean
Sgeulachdan goirid
- Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1970) Lus Chrùn á Griomasaidh (Inbhirnis: Club Leabhar) SBN 902706020
- 20 sgeulachd goirid
- Chaidh an leabhar a dheasachadh le Donnchadh MacGuaire.
- Tha an leabhar coisrigte do 'Màthair, Seònaidh, na nabaidhean agus na càirdean eile ann an Griomasaidh.'
Nobhail
- Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1971) Gainmheach an Fhàsaich (Inbhir Nis: Club Leabhar) SBN 902706055
- Chaidh an leabhar a dheasachadh le Donnchadh MacGuaire.
- Tha an leabhar coisrigte do a caraid 'Daphne, aig Cillmarnuig'.
Dàin
- Do Bheinn Eubhal
- 1953. Bàird a' Chomuinn, deas. le Lachlan MacFhionghuin (An Comunn Gàidhealach)
- 2000. An Tuil (ann an dreach as ùr)
Aistean
Nic Gill-Eathain, M. M. (1951-52) 'Spiorad a Mhac-meanmna', Transactions of the Gaelic Society of Inverness 41: 1-4.
Iomraidhean
Tuilleadh Leughaidh
Neat, Timothy. 1999. The Voice of the Bard (Edinburgh: Canongate), d.34-63 & d.58.