James H. Grant
Quick Facts
Biography
'S e cànanaiche a tha san Ollamh Seumas Grannd (Baile Ùr nan Granndach, 26 an Dàmhair 1950). Tha e an sàs rannsachadh dual-chainntean taobh a deas na h-Alba, gu h-àraidh dual-chainntean Ìle, Earra-Ghàidheal agus Bhàideanach.
Rugadh Seumas ann am Baile nan Granndach agus thogadh e ann an Rata Mhurchais. Thug e a-mach ceum ann an Ceiltis ann an Obar Dheathain agus an uairsin ann am foghlam aig Colaiste Chnoc Iòrdain ann an Glaschu. Ghabh e dreuchd teagaisg aig Oilthigh Obar Dheathain ann an 1983 far an robh e fad 23 bliadhna agus far an dug e a-mach ceum ollamhachd ann an 1988 le obair rannsachaidh air Gàidhlig Ìle 's Earra-Ghàidheal.
Tha e air tilleadh a bhaile àraidh, Rata Mhurchais, far a bheil e a' fuireach leis a bhean, an t-Ollamh Alison Diack.
Tùsan
Luchd-cànanachais na Gàidhlig | ||||||||||||
Tim Armstrong Michael Bauer Carl Borgstrøm Anndra Mac a' Cheàrnaigh Richard Cox Henry Dieckhoff Nancy Dorian Seumas Grannd Nils Holmer Will Lamb Coinneach MacFhionghuin Alasdair MacGilleBhàin Gòrdon MacGilleFhinnein Magne Oftedal Roibeard Ó Maolalaigh Máirtín Ó Murchú Tomás Ó Rathaile Elmar Ternes Roy Wentworth |