Alexander Stewart
Quick Facts
Biography
B' e An t-Urramach Alasdair Stiùbhart (1829-1901; Beurla: Reverend Alexander Stewart), no Nether Lochaber, beul-aithrisiche na Gàidhlig agus ministear ann an Eaglais na h-Alba.
Rugadh e ann am Beinn na Faoghla ann an 1829, ged a bha na Stiùbhartaich às an Apainn am measg nan sinnsearan aige. Nuair a bha e òg, ghluais a theaghlach don Oban, is chaidh e don sgoil an sin, agus cuideachd ann an Cille Mhìcheil (Siorrachd Pheairt). Chaidh e gu Oilthigh Cill Rìmhinn ann an 1843.
As dhèidh dha òrdachadh mar mhinistear ann an 1851, bha e ag obair mar chuidiche ann an eaglaisean Gàidhlig anns an Oban agus ann am Pàislig, mas d' fhuair e am parraist Baile a' Chaolais a Tuath agus Àird Ghobhar (Nether Lochaber) dhà fhèin. Bhitheadh e a' searmonachadh anns an dà àite, gach Didòmhnaich mu seach.
Fad mòran bhliadhnachan, sgrìobhadh e colbh anns an Inverness Courier air cuspairean Gaidhleach, a' cleachdadh far-ainm Nether Lochaber. Mu dheireadh, chaidh na h-aistean seo a' chruinneachadh ann an dà leabhar, Nether Lochaber: The Natural History, Legends and Folk-lore of the West Highlands (1883) agus 'Twixt Ben Nevis and Glencoe: The Natural History, Legends and Folk-lore of the West Highlands (1885).
Air sgàth a chliù air cuspairean eachdraidheil, is ann dha a thàinig cìobair nuair a bha e air bràiste àrsaidh a lorg air Beinn a' Bheithir (Beurla: Ben Vare Brooch), deas air Loch Lìobhann. Dh'aithnich am ministear cho cudromach is a bha a' bhràiste seo agus chuir e reic na bràiste an greim don Museum of the Society of Antiquaries ann an Dùn Èideann (nise, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba).
Cuideachd, bha an t-Urr. Stiùbhart na cheann-suidhe Comann nan Stiùbhartach, agus ball-stèidheadair A' Chomunn Ghàidhleach agus a' Mhòid Ionadail anns an Òban.
Shiubhal e ann an 1901, agus thàinig sluagh mhòr don tìodhlacadh aige ann an Omhanaich. Tha an uaigh aige ann an Cladh Creag Mhòr, Baile a' Chaolais a Tuath.
Chaidh cuimhneachan dha a thogail ann an Corran (Crois Ceilteach, air a phàigheadh le tagradh poblach), eadar an dà àite far am bitheadh e a' searmonachadh. Bha an crois gluaiste don Chladh Innis na Birlinn ann an 1955 air sgàth obair leudachadh an rathaid.
Iomraidhean
- ↑ “Nether Lochaber: The Rev. Alexander Stewart”. The Carmichael Watson Project. Oilthigh Dhùn Èideann. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2023.
- ↑ “Nether Lochaber Monument”. Stewart Society. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2023.